Spòrs Fad Beatha 1j74k
English Gàidhlig 4b506m
Clàr-innse 4o3c38
Ro-ràdh 2u6r56
Fàilte gu Spòrs Fad Beatha, Ro-innleachd Chorporra spòrsalba.
Tha Spòrs Fad Beatha a’ mìneachadh ar lèirsinn, ar rùn, prionnsapalan agus builean.
Dh’fhoillsich sinn Spòrs Fad Beatha airson a’ chiad uair ann an 2019 agus dh’ùraich sinn an ro-innleachd ann an co-rèir ri Gnìomhachd chorporra airson slàinte: frèam-obrach ann an 2025.
Tha sinn airson gum faigh muinntir na h-Alba a’ bhuannachd as fheàrr às am beatha – agus gun coilean spòrs pàirt ann an toirt sin gu buil. Tha ar n-adhbharan fhìn againn uile airson pàirt a ghabhail ann an spòrs, eadar gur ann airson dibhearsain, sòisealachadh, leasachadh ar sunnd no buannachadh bhonn. Tha cùmhachd aig spòrs air beatha atharrachadh, mar sin ge ’r bith dè an t-adhbhar a tha sinn ris, tha an-còmhnaidh barrachd as urrainn dhuinn fhaighinn às.
Thar-shealladh 6f2p60
Ar lèirsinn: 5b5v38
Alba ghnìomhach far a bheil gach neach a’ faotainn buannachd bho spòrs.
Ar rùn: 3i2u18
Muinntir na h-Alba a chuideachadh gu an fheum as fheàrr fhaotainn bhon t-siostam spòrs.
Ar prionnsapalan: 4j1b5p
- In-ghabhalach
- Cunntachail
- Freagairteach
- Pearsa-cuimsichte
- Co-obrachail
- Cruinneil
Ar builean: 3o6o14
Àireamh mheudaichte agus iomadachd dhaoine:
- Com-pàirteachadh ann an spòrs
- Adhartachadh ann an spòrs
- Coileanadh ann an spòrs
Ar lèirsinn 6h1n20
Tha ar lèirsinn a' faicinn Alba a tha gnìomhach far a bheil gach neach a' faotainn buannachd bho spòrs.
Ann an Alba ghnìomhach, lorgaidh sinn uile dòighean air a bhith gnìomhach gu corporra gach latha. Faodaidh seo ciallachadh a bhith a' cumail a' gluasad san dachaigh agus aig an obair, a' cleachdadh modh-obrach gnìomhach gus faighinn mun cuairt no a' ròghnachadh a bhith gnìomhach aig àm cur-seachad.
Gabhaidh barrachd dhinn pàirt a ghabhail ann an spòrs oir tha sinn ga fhaicinn buntainneach do ar beatha. Tha seo a' ciallachadh a bhith an sàs ann an dòighean a tha freagarrach dhuinn, a' coinneachadh ri nas lugha de chnapan-starra agus a' faireachdainn nas in-ghabhalaiche.
Cuiridh sinn uile eòlas air barrachd de bhuannachdan spòrs. Do chuid againn tro bhith a' gabhail pàirt. Do chàch, tro ar coimhearsnachdan.
"Bidh cruthachadh air cultar de dhòighean-beatha fhallain ghnìomhach ann an Alba, aig cridhe nàisean spòrs a bhios fìor mhath"
Buannachdan spòrs 31191c
Tha sinn airson 's gum faigh muinntir Alba a' bhuannachd as fheàrr às am beatha - agus airson spòrs ar cuideachadh le sin a choileanadh. Tha ar n-adhbharan fhìn againn uile airson pàirt a ghabhail ann an spòrs, eadar gur e fealla-dhà, sòisealachadh, leasachadh ar sunnd no buannachadh bhonn. Tha comas aig spòrs air ar beatha atharrachadh, mar sin ge 'r bith dè tha gar faighinn an sàs ann, tha barrachd a dh'fhaodas sinn fhaighinn bhuaithe an-còmhnaidh.
Le bhith a' gabhail pàirt ann an spòrs, tha sinn airson gum faigh daoine tlachd às an àireamh as motha de na buannachdan sin. Fiù ged nach fhaigh iad a-steach do spòrs ann an dòigh dhìreach, faodaidh gach neach tlachd a ghabhail às na buannachdan a tha e a' cruthachadh do ar coimhearsnachdan agus do dh'Alba air fad.
- Spòrs a' cuideachadh le daoine a chumail gnìomhach: Tha sinn beò ann an saoghal a tha a' sìor fhàs neo-ghnìomhach. Tha a bhith neo-ghnìomhach a' lùghdachadh dùil beatha agus co-cheangailte ri duilgheadasan cudromach slàinte. Ach tha sinn air ar dèanamh airson a bhith a' gluasad - bho na ciad cheumannan againn gu dannsa agus cluich spòrs. Tha spòrs a' togail air ar miann nàdarra a bhith a' gluasad. Tha e a' toirt dhuinn faireachdain le adhbhar. Tha e a' ceadachadh dhuinn air dùbhlan pearsanta a ghabhail os làimh no pàirt a ghabhail ann an sgioba. Tha e ga dhèanamh nas fhasa dhuinn air gnìomhachd chorporra a bhith na chleachdadh cunbhalach.
- Spòrs a'cur taic ri slàinte agus ag àrdachadh sunnd: Tha spòrs gar cuideachadh le gabhail air ar socair agus faireachdainn nas saorsainneile. Is e dòigh a th' ann air a bhith a' dèanamh charaidean agus faighinn an sàs sa choimhearsnachd. Tha e a' toirt dhuinn spionnadh agus misneachd air dòigh smaoineachaidh soilleir agus a' bhuannachd as fheàrr fhaighinn às ar beatha. Tha e gar cuideachadh cuideachd le bodhaig nas làidire a leasachadh agus dèiligeadh ri cùisean slàinte.
- Spòrs a' cuideachadh le soirbheachadh an eaconamaidh: Tha spòrs a' cur taic ri tarbhachd, a' sàbhaladh air caiteachas slàinte agus a' cuideachadh le cosnadh is turasachd a ghintinn.
- Spòrs a' neartachadh choimhearsnachdan: Tha gabhail pàirt ann an spòrs a' leasachadh cheanglaichean sòisealta agus a' lùghdachadh iomallachd shòisealta. Tha e cuideachd ag ìsleachadh reataichean eucoir agus giùlan mì-shòisealta agus a' cuideachadh le faireachdainn de phròis catharra.
- Spòrs a' leasachadh eòlas agus sgilean: Tha spòrs a' cuideachadh le cruinneachadh de thàlant a thogail do luchd-fastaidh le bhith a' cuideachadh le daoine òga a leasachadh. Tha e gan cumail aireach san sgoil agus às dèidh na sgoile, a' teagasg dhòighean dhaibh air conaltradh, stiùireadh, planadh, dèanamh cho-dhùnaidhean, agus obair ann an sgiobaidhean.
"Is urrainn do spòrs misneachd a thogail agus slàinte a leasachadh agus sunnd àrdachadh tro bhith a' buntainn do choimhearsnachd"
Lèirsinn Riaghaltas na h-Alba 5n6s6q
Tha lèirsinn aig Riaghaltas na h-Alba do dh'Alba far a bheil barrachd dhaoine nas gnìomhaiche nas trice. Ri taobh leasachaidhean air dòighean-ithe, alcol, smocadh agus mì-fheum air drogaichean, tha gnìomhachd chorporra deatamach do dh'àireamh-sluaigh fhallainn a chomasachadh. Bha còrr air 3,000 bàs ann an Alba dìreach mar thoradh air neo-ghnìomhachd ann an 2022. Airson Alba nas gnìomhaiche, feumaidh measgachadh de bhuidhnean obrachadh còmhla ri coimhearsnachdan agus daoine fa leth ann an diofar shuidheachaidhean. Gus cuideachadh leis an obair seo a chuimseachadh, tha an Riaghaltas air Frèam-obrach Gnìomhachd Chorporra do Shlàinte fhoillseachadh. Tha seo a' solarachadh modh-obrach stèidhichte air siostaman gus ìrean de ghnìomhachd chorporra a leasachadh, aig an dà chuid ìrean nàiseanta agus ionadail, a tha càraichte gu daingeann air stiùireadh eadar-nàiseanta stèidhichte air fianais. Tha e a' co-thaobhadh ri Frèam-obrach Coileanaidh Nàiseanta na h-Alba. Tha am Frèam-obrach a' mìneachadh ochd builean lìbhrigidh ro-innleachdail:
- Siostaman gnìomhach
- Àiteachan ionnsachaidh gnìomhach
- Siubhal gnìomhach
- Àiteachan agus farsaingeachd ghnìomhach
- Slàinte agus cùram sòisealta gnìomhach
- Spòrs agus cur-seachad gnìomhach
- Conaltraidhean gnìomhach
- Àiteachan-obrach gnìomhach
Tha am Frèam-obrach a' togail air an fheum air gnìomhan uile a bhith co-ionann, in-ghabhalach agus co-rèireach do fheum.
Ar rùn 6yp2m
Is e ar rùn muinntir Alba a chuideachadh gu a' bhuannachd as fheàrr fhaotainn bhon t-siostam spòrs.
Siostam spòrs do na h-uile 4q5w44
Tha sinn a' creidsinn ann an siostam spòrs aig ìre chruinneil a tha a' toirt an fheum as fheàrr à so-mhaoinean Alba agus a' freagradh ri atharrachadh. Tha e a' cuideachadh dhaoine ann an Alba le pàirt a ghabhail ann an spòrs aig an ìre a tha ròghnach dhaibh.
Àrainneachdan 555b1f
Tha sinn a' faicinn dhaoine a' gabhail pàirt ann an spòrs agus gnìomhachd chorporra tarsainn diofar àrainneachdan.
- Sgoiltean agus foghlam: A' cuideachadh le comasachd agus misneachd ann an spòrs a thogail, le bhith a' solarachadh shuidheachaidhean spòrs dearbhach ann an sgoiltean, colaistean agus oilthighean.
- Clubaichean is coimhearsnachdan: A' tabhann chothroman ionadail do dhaoine gu pàirt a ghabhail ann an spòrs agus gnìomhachd chorporra agus leasachadh gu an ìre a tha ròghnach dhaibh.
- Spòrs gnìomhaidh: Cuideachadh spòrs le suidheachaidhean a chruthachadh a tha ga dhèanamh comasach do dhaoine adhartachadh agus coileanadh, le bhith a' cruthachadh nan com-pàirteachasan ceart agus àrainneachdan leasachaidh air coileanadh.
Tha an siostam spòrs a' brosnachadh nan àrainneachdan sin gu obrachadh còmhla gus daoine a chuideachadh gu com-pàirteachadh, adhartachadh agus coileanadh ann an spòrs.
Daoine agus Àiteachan 5af40
Tha Alba a' tabhann sàr chothroman a bhith gnìomhach gu corporra agus a dhol an sàs ann an spòrs, mar thoradh air a daoine agus a goireasan air leth agus farsaingeachdan a-muigh.
Tha sinn airson gun toir muinntir na h-Alba an fheum as fheàrr às na so-mhaoinean spòrs iongantach sin.
- Tha daoine tàlantach againn ag obair ann an spòrs: Aig cridhe ar siostam spòrs, tha na mìltean de luchd-obrach sgileil agus saor-thoilich dealasach a tha a' cuideachadh chàich gu com-pàirt a ghabhail agus adhartas a dhèanamh. Tha sinn gam faicnn nar n-àrainneachdan a-muigh, coimhearsnachdan, àiteachan foghlaim is obrach, agus nar clubaichean spòrs is prògraman gnìomhaidh.
- Tha raon fìor mhath de ghoireasan spòrs againn: Tha mòran àiteachan ann an Alba airson spòrs a chluich agus a bhith gnìomhach. Tha goireasan againn ann an coimhearsnachdan, sgoiltean, colaistean agus oilthighean. Tha na mìltean de dh'ionadan-cleasachad is clubaichean spòrs againn còmhla ri ionadan spòrs a-muigh agus nàiseanta. Ri taobh ar n-ionadan spòrs eadar-nàiseanta, bidh na goireasan sin gar cuideachadh le tlachd a ghabhail à spòrs aig gach ìre, a thuilleadh air a bhith a' tarraing thachartasan is luchd-turais a dh'Alba.
- Tha àrainneachd nàdarra againn a tha air leth: Tha uisge na h-Alba, èadhar, beanntan agus tuath a' toirt aoigheachd do raon àibheiseach de spòrs agus gnìomhachdan. Eadar gur e gràdhaiche nàdair no dàn-thurasaiche a th' annad, tha fàilte ro gach neach tlachd fhaotainn à blàr a-muigh Alba agus a chleachdadh ann an dòigh chunntachail.
Coileanadh ar pàirt 4ul1
Mar am buidheann nàiseanta airson spòrs, is e ar dleastanas dèanamh cinnteach gu bheil spòrs a' coileanadh a phàirt fhèin ann an Alba shoirbheachail. Tha sinn a' dèanamh seo le bhith a' toirt buaidh, a' fiosrachadh agus a' tasgadh sna buidhnean agus sna daoine a tha a' lìbhrigeadh spòrs agus gnìomhachd chorporra.
Mar bhuidheann poblach air a mhaoineachadh le Riaghaltas na h-Alba agus an Crannchur Nàiseanta, bidh sinn ag aithris tro Mhinistearan na h-Alba do Phàrlamaid na h-Alba.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu na bhios sinn a' lìbhrigeadh ann an da-rìribh, faic Ath-sgrùdadh Bliadhnail spòrsalba aig
Tha barrachd buaidh againn le bhith ag obair còmhla tarsainn agus seachad air spòrs 2l5y4o
Is iad buidhnean poblach, prìobhaideach agus saor-thoileach ar com-pàirtichean san t-siostam spòrs. Tha iad a' rangachadh bho ùghdarrasan ionadail agus buidhnean riaghlaidh spòrs gu carthannasan agus na roinnean foghlaim is slàinte. Còmhla ris na com-pàirtichean sin, tha sinn a' cruthachadh mhaoinean spòrs Alba - planadh, togail, agus ruith ghoireasan spòrs seasmhach, a' toirt an fheum as fheàrr às ar farsaingeachdan air a' bhlàr a-muigh. Tha sinn a' cleachdadh ar n-ealantais is goireasan gus na daoine sgileil a leasachadh, a tha a' cur spòrs an gnìomh.
Tha aig spòrs ri freagradh do bhuaidhean atharrachaidh gnàth-shìde. Faodaidh an siostam spòrs pàirt dearbhach a choileanadh le ar seasmhachd àrainneachd a leasachadh, agus cuideachadh le cudromachd air lùghdachadh air ar buaidhean àrainneachdail a chonaltradh don phoball.
Bidh spòrsalba a' cuideachadh bhuidhnean taobh a-staigh agus taobh a-muigh an t-siostaim spòrs, an fheum as fheàrr a thoirt às an airgead, ùine, ealantas agus fiosrachadh a tha air a thasgadh ann an spòrs. Tha seo a' ciallachadh na com-pàirteachasan ceart a bhith ag obair còmhla san dòigh cheart.
Tha sinn a' dèanamh spòrs nas ruigsinniche do dhaoine nach eil a' gabhail pàirt. 57325q
Eadar gur e coileanadh air an àrd-ùrlar chruinneil, no coimhearsnachdan a' coimhead airson dhòighean air a thighinn còmhla, is e daoine fhaighinn an sàs ann an spòrs, a' phuing tòiseachaidh. Tha an siostam spòrs a' toirt roghainn do dhaoine air mar a ghabhas iad pàirt. Tha spòrs a' tachairt ann an diofar àrainneachdan, bho sgoiltean, colaistean agus oilthighean gu clubaichean spòrs, coimhearsnachdan agus spòrs gnìomhaidh, le daoine a' taghadh an fhear as fheàrr a fhreagras orra. Ach, chan eil gach neach a' faireachdainn in-ghabhalach ann an spòrs, agus tha sinn airson gun atharraich sin. Le bhith ag èisteachd gu dlùth ris na nithean a tha cudromach do dhaoine, tha an siostam spòrs a' cruthachadh chothroman ann an spòrs a tha dha-rìribh a' coileanadh fheumalachdan dhaoine.
Tha spòrsalba ag obair le com-pàirtichean, clubaichean spòrs agus coimhearsnachdan, gus in-shealladh fhaotainn air agus a dhèanamh nas fhasa do dhaoine air pàirt a ghabhail ann an spòrs. Bidh sinn a' cleachdadh nan in-sheallaidhean sin gus spòrs a dhèanamh nas in-ghabhalaiche, le cuid de chothroman air an dealbhadh a dh'aon ghnothaich do fheumalachdan sònraichte.
Tha sinn soilleir mu dheidhinn mar a dh'fhaodas daoine adhartachadh gu an ìre a ròghnaicheas iad. 14934
Tha sinn airson gun gabh gach neach pàirt ann an spòrs aig ìre sam bith a ròghnaicheas iad. Dh'fhaodadh seo ciallachadh a bhith a' slaodadh ort brògan trèanaidh airson a' chiad uair, no gluasad bho spòrs cur-seachad gu spòrs fharpaiseach. Do chuid, bidh e fiù mu dheidhinn gnìomhadh cunbhalach air feadh an t-saoghail. Tha cleachdadh shlighean leasachaidh is coileanaidh, a' cuideachadh dhaoine air adhartachadh gu an ìre roghainneach aca, le taic air an t-slighe bho dhaoine agus goireasan.
Tha spòrsalba a' cuideachadh spòrs le slighean làidir a leasachadh a tha a' comasachadh dhaoine gu adhartachadh gu an ìre roghainneach, a' gabhail orra diofar dhreuchdan agus comasach air gluasad tarsainn spòrsan. Ag obair gu dlùth le ar com-pàirtichean, tha sinn a' dèanamh cinnteach gu bheil goireasan co-thaobhaichte gu freagarrach tarsainn nan àrainneachdan uile.
Tha sinn a' stiùireadh an t-siostaim spòrs gu cur ri Alba far a bheil barrachd dhaoine nas gnìomhaiche nas trice. qc1w
Tha Frèam-obrach Gnìomhachd Chorporra do Shlàinte a' solarachadh modh-obrach stèidhichte air siostaman gus Alba nas gnìomhaiche a thoirt gu bith. Tha lìbhrigeadh Frèam-obrach ag iarraidh air spòrs dreuchd a choileanadh ri taobh slàinte, còmhdhail, foghlam agus an àrainneachd, an riaghaltas ionadail agus càch.
Bidh àite deatamach aig an t-siostam spòrs ri choileanadh tarsainn nam builean lìbhrigidh ro-innleachdail. Tha seo a' gabhail a-steach spòrs gnìomhach agus cur-seachadan do na h-uile, agus cuideachd builean leithid siostaman gnìomhach, àiteachan ionnsachaidh gnìomhach, conaltraidhean gnìomhach agus àiteachan is farsaingeachdan gnìomhach.
Tha sinn a' stiùireadh an t-siostaim spòrs gus cur ri modh-obrach stèidhichte air siostaman Frèam-obrach Gnìomhachd Chorporra do Shlàinte, agus a thabhartas a thaisbeanadh le bhith a' sealltainn mar a tha sinn a' cuideachadh dhaoine gu com-pàirteachadh, adhartachadh agus coileanadh ann an spòrs.
Tha sinn a' comharrachadh mar a tha spòrs na bhuannachd do bheatha dhaoine. 4d5w2n
Le bhith a' cuideachadh dhaoine gu com-pàirteachadh, adhartachadh agus coileanadh ann an spòrs, tha an siostam spòrs a' cruthachadh bhuannachdan nas fharsainge ann an raointean leithid slàinte, foghlam, coimhearsnachdan agus an eaconamaidh. Faodaidh na buannachdan sin a bhith nàdarrach no a dh'aona ghnothaich. An dara cuid, tha sinn airson gum bi daoine mothachail dhaibh.
Tha spòrsalba ag obair le com-pàirtichean gus fhollaiseachadh do phrìomh luchd-ùidhe taobh a-staigh agus taobh a-muigh spòrs, mar a tha spòrs a' toirt buannachd do bheatha dhaoine. Is iad sin dìreach cuid de na dòighean as urrainn do spòrsalba daoine a chuideachadh leis a' bhuannachd as fheàrr fhaotainn bhon t-siostam spòrs. Gus tuilleadh fhaighinn a-mac, tadhailibh air sportscotland.org.uk
Ar prionnsapalan 2g595t
"Cha bhi ùidh ann an spòrs aig gach neach ann an Alba ach faodaidh gach neach a bhith gnìomhach ann an dòigh air choreigin"
Tha sinn airson am modh-obrach as fheàrr a chleachdadh gus buannachdan spòrs a lìbhrigeadh do mhuinntir na h-Alba. Airson seo a dhèanamh, tha sinn air ar stiùireadh le sia prìomh prionnsapalan:
- In-ghabhalach: Tha sinn a' tuigsinn nan cnapan-starra a tha mu choinneamh dhaoine agus a' dèiligeadh leotha gu for-ghnìomhach, gus am bi cothrom aig gach neach a dhol an sàs ann an spòrs agus gnìomhachd chorporra.
- Cunntachail: Tha sinn a' dèanamh planadh math, tha sinn a' tomhas ar gnìomhaidh agus tha sinn cunntachail airson builean a lìbhrigeadh.
- Freagairteach: Tha sinn a' freagradh na tha sinn a' dèanamh stèidhichte air mar a tha cùisean a' dol dhuinn agus dè tha a' tachairt mun cuairt oirnn.
- Cuimsichte air daoine: Tha sinn ag èisteachd ri daoine agus a' cur an guthan aig cridhe ar dòigh smaoineachaidh.
- Co-obrachail: Tha sinn a' leasachadh agus a' neartachadh chom-pàirteachasan agus cho-obrachaidhean tarsainn na roinnean poblach, saor-thoileach agus prìobhaideach.
- Cruinneil: Tha sinn a' dèanamh gach nì gu an ìre as àirde a ghabhas, agus a' coimhead ri leasachadh gu leantainneach.
Ar builean 6a3l7
Builean |
Comharran |
---|---|
Com-pàirt Cia mheud neach a tha sinn a' ruighinn? |
% de dhaoine a' gabhail pàirt ann an spòrs ann an Alba Com-pàirtichean iomlan nar prògraman Com-pàirtichean Sgoiltean Gnìomhach Com-pàirtichean Colaistean Gnìomhach Buill Club Cluiche SGB Com-pàirteachadh Ionad Nàiseanta |
Adhartas Cia mheud neach a tha aig gach ìre den t-slighe? |
Lùth-chleasaichean slighean coileanaidh SGB Lùth-chleasaichean le taic SIS |
Coileanadh Ciamar a tha sinn a' gnìomhadh air an àrd-ùrlar chruinneil? |
Lùth-chleasaichean air prògraman coileanaidh an RA Buinn |
In-ghabhail Tha in-ghabhail aig cridhe gach nì a tha sinn a' dèanamh. |
Iomadachd ar com-pàirtichean |
Other pages from this section: 4o4w1m
1n214o
Your will help us to improve this site. Please don't provide any personal information. form
Enquiries should be submitted using by email to [email protected]